Dihaoine 14mh den Ògmhios:
• Bidh tachartasan Mòd na Cloinne againn a’ gabhail àite fad a latha Dihaoine aig sgoil Choimhearsnachd Bhràgh Albainn.
• Bidh a h-uile farpais a’ tòiseachadh aig 9:15m.
• Airson na cloinne tron latha bidh gnìomhan cleas air an cumail ann a seòmar-oraid na sgoile.
Disathairne 15 Ògmhios.
• Sa mhadainn tha sinn a tionndadh gu na farpaisich inbheach. Thèid a h-uile co-fharpais seinn aon-neach inbheach a chumail sa mhadainn anns a’ phrìomh thalla taobh a-staigh sgoil Choimhearsnachd Bhràghad Albainn.
• Air an fheasgar, bidh na còisirean a’ seinn Puirt a beul agus dà òran eile. Tòisichidh farpais nan còisirean aig 1:15f.
• Feasgar chìthear farpais na fìdhle a’ gabhail àite anns a’ phrìomh thalla airson a’ chiad turas.
• Thèid farpais na pìoba a chumail shuas an staidhre fad na maidne.
• Aig 5f tha sinn an dòchas gun tig sibh còmhla rinn airson an tachartas còisir mòr againn ann an Ceàrnag Obar Pheallaidh, taobh a-muigh an t-seann bhanca.
• Airson crìoch a chur air Disathairne bidh cèilidh againn a tha sinn a cumail ann an Talla Baile Obar Pheallaidh. Tha na ticeadan bìdh againn air an reic air fad, ach tha tiogaidean cèilidh againn rim faighinn aig an doras airson £7. Tha an ceilidh a’ tòiseachadh aig 7:30f.
Didòmhnaich 16 Ògmhios
• Thèid seirbheis Ghàidhlig a chumail ann an eaglais Weem a’ tòiseachadh aig 2f. Tha cuireadh blàth air a h-uile duine a thighinn chun na seirbheis seo